Scots Gaelic Bible

Mark 13

Mark

Return to Index

Chapter 14

1

 A nis bha feill na casga `s an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,`s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e. 


2

 Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh` fhaoidte am measg an t-sluaigh. 


3

 `S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, `sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh` ola phriseil spicnaird, `sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i. 


4

 A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola? 


5

 Oir dh` fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, `s an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur `na h-aghaidh. 


6

 Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa. 


7

 Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh. 


8

 Rinn i na b`urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh` ungadh mo chuirp air son an adhlaic. 


9

 Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b` e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre. 


10

 Is dh` fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh` ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh. 


11

 Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath. 


12

 `S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, `s gun ith thu a chaisg? 


13

 Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e; 


14

 Agus ge b` e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil? 


15

 Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn. 


16

 Is dh` fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg. 


17

 Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag. 


18

 Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, `s ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th` ag ithe maille rium, mi. 


19

 Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, `s gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e? 


20

 Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis. 


21

 `S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e. 


22

 `S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; `s ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa. 


23

 Agus ghlac e chailis, `sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh` ol iad uile dhi. 


24

 Is thuirt e riutha: Si so m` fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain. 


25

 Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe. 


26

 `S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. 


27

 Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich. 


28

 Ach an deigh m` aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile. 


29

 Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise. 


30

 Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean. 


31

 Ach `sann an sin bu dana a labhair e: Ged b` fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile. 


32

 Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh. 


33

 Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor. 


34

 Is thuirt e riutha: Tha m` anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire. 


35

 `Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: 


36

 Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa. 


37

 Agus thainig e, `is fhuair e iad `nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris? 


38

 Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag. 


39

 `Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna. 


40

 `Sa tilleadh, fhuair e rithist iad `nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris. 


41

 Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th` an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach. 


42

 Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg. 


43

 Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, `s le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, `s na seanairean. 


44

 Agus bh` am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b` e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach. 


45

 `S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e. 


46

 Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e. 


47

 Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth. 


48

 Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean `s le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi? 


49

 Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach `sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so. 


50

 An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile. 


51

 Ach lean duin` og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air. 


52

 Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte. 


53

 Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean. 


54

 Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; `s bha e `na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein. 


55

 Agus dh` iarr na h-ard-shagairt, `sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d`fhuair iad sin. 


56

 Oir bha moran a toirt fianuise-breige `na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh. 


57

 Agus bha cuid a dh` eirich suas, `sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh: 


58

 Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d` rinneadh le lamhan. 


59

 Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh. 


60

 Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth? 


61

 Ach dh` fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh` fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte? 


62

 Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine `na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, `sa tighinn air neoil nan speur. 


63

 An sin an t-ard-shagart a stracadh `eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean? 


64

 Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas. 


65

 Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, `s ri comhdach `aodainn, `s ri bualadh dhorn air, `s ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e. 


66

 `S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt; 


67

 `S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth. 


68

 Ach dh`aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh`fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach. 


69

 Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: `Sann dhiu am fear so. 


70

 Is dh` aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu. 


71

 Ach thoisich esan ri mollachadh `s ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt. 


72

 Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal. 


Mark 15

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: